Ann an seachd-deug, seasgad ’s a seachd (1767), sgrìobh Adhamh Fearghasdan “aiste”, no leabhar ma tha sinn gu bhith fìrinneach, a rinn ainmeil e. ’S e an
tiotal a bh’ air A History of Civil Society. Anns an leabhar, thug Fearghasdan sùil air mar a bha sìobhaltachd air atharrachadh tro eachdraidh is
mar a bha sin air tachairt mar leasachadh nàdarrach, gun a bhith na amas aig mac an duine.
Aig an àm sin, cha robh Fearghasdan air mòran siubhail a dhèanamh ann an dùthchannan eile, ach leugh e aithrisean-siubhail aig feadhainn eile, agus bha e
dhen bheachd gu robh mòran anns a’ chumantas, mar eisimpleir, eadar sìobhaltachd nan seann Ghaideal, nan Innseanach Ruadha ann an Aimeireagaidh agus nan
seann Ghreugach.
Thug e bheachd air ealain is litreachas, air mar a tha an aimsir a’ toirt buaidh air modhan sluaigh, agus air a’ chàirdeas eadar meudachd sluaigh agus
beartas dùthcha. Agus thug e rabhadh seachad. Thuirt e gum faodadh dùthaich a spiorad a chall, agus gun leigeadh sin le gnothaichean poileataiceach na
dùthcha dhol bhuaithe.
Am measg an fheadhainn a leugh A History of Civil Society, agus a dh’ionnsaich mòran bhuaithe, bha Karl Marx. Bha aire Mharx air a tharraing leis
na sgrìobh Fearghasdan mu dheidhinn na droch bhuaidh a tha na diofar ìrean ann an coimhearsnachd choimearsalta a’ toirt air daoine, gu h-àraidh an
fheadhainn aig na h-ìrean as ìsle. Bha Fearghasdan a’ sgrìobhadh fada mus robh guth air coimiunachd.
’S e rud eile inntinneach a thachair co-cheangailte ri Fearghasdan gur ann anns an taigh aige a thachair Bhaltair Scott ri Raibeart Burns – an aon turas a
thachair an dithis ri chèile. Cha robh Scott ach òg aig an àm.
Anns na seachdadan dhen ochdamh linn deug, chuir Fearghasdan seachad ùine ann an Geneva agus sgrìobh e aiste, a’ càineadh propaganda nan Aimeireaganach a
bha ag iarraidh neo-eisimeileachd airson nan tìrean Breatannach ann an Aimeireagaidh a Tuath. An uair sin chaidh ainmeachadh mar fear de na coimiseanairean
a dh’fheuchadh ri fuasgladh a lorg don eas-aonta eadar Riaghaltas Bhreatainn agus na h-Aimeireaganaich.
Ann an seachd-deug, ochdad ’s a h-aon (1781) ghabh e stròc. Dà bhliadhna as dèidh sin sgrìobh e leabhar air Eachdraidh na Poblachd Ròmanaich. Agus ann an
seachd-deug, ochdad ’s a còig, leig e dheth a dhreuchd mar Phroifeasair na Feallsanachd Moralta. Ach cha robh e dìomhain. Dh’fhoillsich e leabhar ann an dà
phàirt anns an robh mòran de na gliocas a bh’ air a bhith anns na h-òraidean aige aig an oilthigh.
Ann an seachd-deug, naochad ’s a trì, aig aois seachdad, dh’fhalbh e air turas mòr don Roinn Eòrpa, agus thadhail e air an Ròimh. Bha cothrom aige na
h-àiteachan air an do sgrìobh e ann an Eachdraidh na Poblachd Ròmanaich fhaicinn dha fhèin.
Bha fhathast fichead bliadhna aige de shaoghal agus am measg nan àiteachan anns an do dh’fhuirich e bha na Pùballan agus Cill Rìmhinn. Chaochail e ann an
ochd-deug is sia-deug (1816). Na sheann aois, sgrìobh e mòran aistidhean air feallsanachd is gnothaichean moralta.
An-diugh tha daoine eòlach air Adhamh Fearghasdan mar “Athair an Eòlais-shòisealta” agus is cinnteach gu robh e na dhuine cliùiteach aig àm nuair a bha
àite mòr aig Alba ann an dùsgadh ghnothaichean inntinn anns an Roinn Eòrpa.
Ach bu toigh leam fios a bhith agam air beachd Fhearghasdain fhèin air an dualchas aige mar Ghaidheal. Mas urrainn dhuibh mo chuideachadh le fiosrachadh
air a sin, bhithinn uabhasach toilichte cluinntinn bhuaibh. Beannachd leibh an-dràsta.