FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd

O chionn ghoirid, chuir mi seachad seachdain ann a bhith

Audio is playing in pop-over.

Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd

O chionn ghoirid, chuir mi seachad seachdain ann a bhith a’ coiseachd air slighe a tha a’ dol faisg air ceud mìle air taobh an iar na h-Alba. ’S e an t-ainm a th’ oirre “Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd” agus tha i a’ ruith eadar Muileann Dhaidh, air iomall Ghlaschu, agus an Gearasdan.

Bha mi fortanach oir bha an aimsir uabhasach fhèin math. Cha robh sgeul air uisge fad na seachdain, agus bha i blàth no teth a h-uile là, leis a’ ghrian a’ deàrrsadh à adhar gorm. Cha tug mi mo chòta, miotagan no ad a-mach às mo mhàileid eadar an toiseach agus an deireadh, agus cha robh mo gheansaidh orm ach airson fichead mionaid air aon là aig mullach cnuic far an robh a’ ghaoth ann. Tha sin iongantach ann am meadhan a’ Ghiblein.

Chòrd mo thuras rium agus thàinig mi tarsainn air mòran rudan co-cheangailte ri dualchas nan Gaidheal fhad ’s a bha mi a’ coiseachd bho dheas gu tuath. An-diugh, agus anns na seachdainean romhainn, bheir mi sùil air an dualchas co-cheangailte ris an dùthaich sin.

Tòisichidh mi aig toiseach mo shlighe. Tha cuid dhen bheachd gur e Muileann Dhaibhidh a th’ air “Milngavie” ann an Gàidhlig, is tha feadhainn eile a’ dèanamh a-mach gur e Muileann Gaoithe a th’ ann, ach tha mi a’ leantainn an litreachaidh aig Mìcheal Newton, sgoilear Aimeireaganach a rinn rannsachadh mòr air an sgìre – Muileann Dhaidh. Sgrìobh Mìcheal leabhar math mu dhualchas Gàidhlig na sgìre, air a bheil “Bho Chluaidh gu Calasraid”. Tha e dà-chànanach, tha e air fhoillseachadh le “Acair” agus mholainn gu mòr dhuibh e.

’S e an t-ainm Gàidhlig a th’ air an sgìre eadar Muileann Dhaidh agus ceann a tuath Loch Laomainn – Leamhnachd. Thathar a’ dèanamh dheth gu bheil ceangal eadar Leamhnachd agus an leamhan, a’ chraobh-leamhain – Ulmus glabra, ris an canar “elm” ann am Beurla. ’S ann à leamhan a thàinig ainm na h-aibhne a sruthas à Loch Laomainn – the River Leven, mar a chanar rithe ann am Beurla. A rèir an sgoileir, Uilleam MacBhàtair nach maireann, b’ e “elm-water” ciall an ainm bho thùs.

Anns an tuiseal ghinideach, tha leamhan ag atharrachadh gu an dà chuid, leamhain agus leamhna. ’S e Magh Leamhna a’ Ghàidhlig a th’ air Vale of Leven, an srath trom bi an abhainn a’ sruthadh. Agus gu h-inntinneach, ’s e an seann ainm a bh’ air Loch Laomainn – Loch Leamhain no Loch Leamhna.

Ciamar, ma-thà, a fhuair an loch an t-ainm Loch Laomainn? Uill, tha e furasta gu leòr a mhìneachadh. Tha beinn àrd faisg air an loch air a thaobh an ear air a bheil Beinn Laomainn. Tha laomainn a’ tighinn bho sheann fhreumh Ceilteach a tha a’ ciallachadh beacon. Ma choimheadas sibh ann am faclair Dwelly, chì sibh gu bheil laom a’ ciallachadh “blaze of fire”, agus bha a leithid de dh’fhacal ann o shean air bilean an t-sluaigh, an dà chuid ann an Gàidhlig agus anns an t-seann chànan Bhreatannach.

’S e Beinn Laomainn, ma-tha, Beacon Mountain, agus ’s e sin a’ chiall cuideachd a th’ air na cnuic ann am Fìobh air a bheil the Lomond Hills. Co-dhiù, chaidh ainm Loch Leamhna atharrachadh o chionn fhada gu Loch Laomainn. Ghabh an loch ainm na beinne air fhèin. Mura b’ e sin, tha fhios gur e Loch Leven a chanadh daoine ris ann am Beurla agus tha, mu thràth, dà loch eile air a bheil an t-ainm sin. An ath-sheachdain, bheir mi air chuairt sibh tro Leamhnachd agus bheir sinn sùil air beagan de dhualchas na Gàidhlig anns an sgìre.

Litir 201 Litir 201 Litir 203 Litir 203

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!