Halò a-rithist. Agus fàilte chrìdheil oirbh don chiad Litir dhen bhliadhna 2005. Tha fichead bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho sheas a’ chiad
duine air a h-uile mullach as àirde anns gach mòr-thìr air an t-saoghal. B’ esan Dick Bass, fear Ameireaganach a tha beò fhathast, agus ràinig e mullach na
tè mu dheireadh – Beinn Everest – anns a’ bhliadhna ochdad ’s a còig.
Am measg nan seachd mullaichean sin, tha tè dhiubh air a bheil ainm Gàidhealach. Cò an tè? Uill, tòisicheamaid anns an Roinn-Eòrpa – le Elbrus no Mont
Blanc, a rèir mar a thathar a’ comharrachadh crìochan na Roinn-Eòrpa. Kilimanjaro ann an Afraga. Beinn Vinson anns an Antartaig. Carstenz ann am Papua an
Iar no Beinn Khosciusko ann an Astràilia, a rèir do bheachd air crìochan Astràilia no Astralàisia.
Dè th’ air fhàgail? Aconcagua ann an Ameireagaidh a Deas, Chomolungma no Beinn Everest ann an Àisia agus … aha … an tè mu dheireadh – an tè as àirde ann an
Ameireagaidh a Tuath. Tha i ann an Alasga. Beinn MhicFhionnlaidh a chanamaid rithe ann an Gàidhlig, ach bidh daoine nas eòlaiche oirre mar Mt.
McKinley.
Chaidh a h-ainmeachadh le fear Uilleam Dickey a bha a’ rannsachadh creagan Alasga airson stuthan prìseil. Chuir esan ainm fear de bhuill an t-Seanaidh air
a’ bheinn – Uilleam MacFhionnlaidh. An dèidh sin, dh’èirich MacFhionnlaidh gu bhith na Cheann-suidhe do na Stàitean Aonaichte. B’ esan fear de na
cinn-suidhe a chaidh a mhurt fhad ’s a bha e fhathast na dhreuchd. Thachair sin ann am Buffalo ann an stàit New York ann an naoi ceud deug ’s a h-aon
(1901).
Ged a tha an t-ainm sin fhathast air a’ bheinn, tha an t-ainm dùthchasach a’ nochdadh nas trice an là an-diugh – Denali – a’ ciallachadh “am fear mòr” ann
an cànan nan Ameireaganach dùthchasach a bhuineas don sgìre, agus cò chanadh nach eil sin iomchaidh? Tha Beinn MhicFhionnlaidh ann am meadhan Pàirc
Nàiseanta Denali.
Ach bu mhath leam Alasga fhàgail is tilleadh gu Astràilia. Aig dà mhìle, dà cheud is trithead (2,230) meatair os cionn na mara – sin beagan is seachd mìle
troigh – chan eil Beinn Khosciusko uabhasach àrd – agus tha i furasta a streap. Agus tha cuid ann an Astràilia dhen bheachd nach i a’ bheinn as àirde san
rìoghachd aca co-dhiù. Oir tha eilean anns a’ Chuan a Deas, faisg air an Antartaig, air a bheil beinn a ruigeas dà mhìle, seachd ceud, ceathrad ’s a còig
(2,745) meatair os cionn na mara – còig ceud meatair nas àirde na Kosciusko.
Tha sin air Eilean Heard agus ’s ann le Astràilia a tha an t-eilean. Airson greis bhathar a’ smaoineachadh gur e maraiche Breatannach (tha dùil a’m gu robh
e Albannach) a lorg an t-eilean anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1854). B’ esan an Caiptean Uilleam Dòmhnallach, a bh’ air bòrd
an t-soithich, an Samarang.
Chunnaic e an t-eilean, agus eileanan eile faisg air làimh, agus chaidh an ainmeachadh gu lèir mar “Eileanan an Dòmhnallaich” no the “McDonald Islands”.
Ach thàinig e am bàrr gu robh fear Ameireaganach, an Caiptean Iain Heard, ann as t-Samhain ochd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1853). Agus, leis gu robh
esan ann an toiseach, ’s e Eilean Heard a chanar ris an eilean sin an-diugh.
Ach ’s e an t-ainm a th’ air a’ bheinn air Eilean Heard – Big Ben. Tha fhios gur e sin A’ Bheinn Mhòr ann an Gàidhlig. Tha na h-eileanan
sin fada bho Alasga is Alba, ach tha rudeigin ann a cheanglas na trì àiteachan sin ri chèile – dualchas nan ainmean Gàidhealach a th’ air a’ mhap an là
an-diugh.