Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh sibh air an fhacal Bheurla “fort”? No ’s dòcha gum bu chòir dhomh faighneachd – dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air an fhacal
Ghàidhlig dùn? Anns an leabhar ùr aig Mìcheal Robson, a tha a’ fuireach ann an Nis ann an Leòdhas, tha an t-ùghdar ag ràdh gur e “fort”
a’ Bheurla a th’ air dùn, ach nach e dùn a’ Ghàidhlig air “fort”. Tha Mgr Robson air am facal Gàidhlig a chleachdadh ann am Beurla – agus
rachainn leis air a sin. Ma tha thu a-mach, ann am Beurla, air dùin Eilein Leòdhais, chan eil facal nas fheàrr air an son na “dun” fhèin. Tuigidh daoine cò
air a tha thu a-mach. Agus ’s e tiotal an leabhair “Forts and Fallen Walls: the duns of northern Lewis”.
Tha na dùin ann an diofar shuidheachaidhean. Tha cuid dhiubh air eileanan ann an lochan, tha cuid air creagan no eileanan làimh ri bearraidhean a’
chladaich, agus tha feadhainn sa mhonadh. Ann am beul-aithris, bha ceangal làidir ann eadar cuid de na dùin agus na sìthichean. Agus bu mhath leam aithris
a dhèanamh air sgeulachd a th’ aig Mìcheal Robson anns an leabhar aige mu dheidhinn sìthichean ann an co-cheangal ri Dùn Bhuirgh. Tha sin ann am Borgh air
taobh an iar-thuath Leòdhais.
O chionn fhada bha boireannach ann am Borgh a bha air a sàrachadh leis an t-snìomh a bh’ aice ri dhèanamh. Bha i seachd sgìth dhen obair oir cha robh aice
ach maide-snìomh no cuigeal airson an snìomh a dhèanamh. Bha seo mus robh cuibhlichean-snìomha aig muinntir Leòdhais. Oidhche bha seo, bha am boireannach
sgìth, agus rinn i rud ris an canar “òrdachadh-oidhche”. Thuirt i gum b’ fheàrr leatha gum biodh a’ chlòimh gu lèir aice air a snìomh air an oidhche sin
fhèin.
Cho luath ’s a thuirt i sin, nochd buidheann de mhnathan-sìthe anns an taigh. Agus obair a dhèanamh. Bha cuid dhiubh an sàs ann an cìreadh. Rinn feadhainn
eile an thòisich iadsan air an càrdadh. Agus rinn treas buidheann an snìomh. Bha iad cho sgiobalta air an obair, is nach b’ fhada gus an robh a’ chlòimh gu
lèir anns an taigh air a snìomh. Cha robh na mnathan-sìthe toilichte a bhith gun obair, ge-tà, agus bha iad an uair sin ri buaireadh.
Dh’fhalbh fear an taighe a chèilidh air bodach glic anns an sgìre, airson comhairle fhaighinn air a’ chùis. Thuirt am bodach nach robh còir aig bean an
duine a leithid de dh’òrdachadh-oidhche a dhèanamh. Bu chòir dhuibh, thuirt e, na sìthichean fhàgail far a bheil iad. Ach gheall e thighinn chun an taighe
airson faighinn cuidhteas nam ban-sìthe.
Thàinig e gu uinneag agus dh’èigh e, “Dùn Bhuirgh na teine, Dùn Bhuirgh na teine”. Nuair a chuala na mnathan-sìthe seo, thuirt iad, “Mo chreach mhòr is mo
dhunaidh, mo bhuilg, m’ ùird is m’ innean.” Bha iad troimh-chèile agus dh’fhalbh iad don àite-fuirich aca – an dùn.
Thuirt am bodach ri fear is bean an taighe – cho luath ’s a gheibheadh na sìthichean a-mach nach robh teine anns an dùn, gum biodh iad air ais. Agus bha e
ceart. Ach mus do thill iad, dhùin na daoine a h-uile fosgladh anns an taigh. Dh’iarr na sìthichean air a’ bhodach an leigeil a-steach.
“Dè tha sibh ag iarraidh?” dh’fhaighnich am bodach.
“Obair”, fhreagair na sìthichean.
“Ma ’s e obair a tha sibh ag iarraidh,” thuirt an seann duine, “thallaibh is cumaibh air falbh na tonnan a tha a’ briseadh air a’ chladach ud thall.”
Dh’fhalbh na sìthichean chun a’ chladaich agus chan fhacas san dùn iad bhon uair sin.