Tha am feasgar ann. Tha Fionnghal Nic Dhòmhnaill agus Fear Chinnseburg shuas air mullach a’ mhonaidh os cionn Phort Righ. Tha iad nan seasamh air tom
fraoich, agus tha iad a’ coimhead sìos air Caolas Ratharsair. Tha iad a’ feuchainn, o àm gu àm, ri sealladh fhaotainn air an eathar anns a bheil am
Prionnsa.
Tha Cinnseburg ag ràdh: “Tha sibh sgìth. Nach dèan sibh suidhe? Chan eil an t-eathar fhathast anns an t-sealladh.”
Tha Fionnghal a’ freagairt: “Tha – tha mi glè sgìth, ach chan eil saorsa fhathast ann. Tha sinn ann an cunnart an seo; dèanaibh suidhe sibh fhèin, air neo
chithear sinn gu ro fhurasta le càirdean nan saighdearan shìos anns a’ bhaile.”
Bidh sibh eòlach air an eachdraidh. Tha i mu dheidhinn mar a fhuair Teàrlach Og Stiùbhart air falbh bho na saighdearan dearga anns an Eilean Sgitheanach an
dèidh Blàr Chùil Lodair. Tharraing mi à dealbh-chluich Gàidhlig i, air a bheil “Fionnghal Nic Dhòmhnaill”, a chaidh a sgrìobhadh le fear, I. M.
Moffatt-Pender, agus a chaidh fhoillseachadh ann an leabhar ann an naoi ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1954).
Cha robh mi air càil a chluinntinn mu Mhoffatt-Pender mus do cheannaich mi an leabhar agus ’s e a ghlac m’ aire gu robh na dealbhan-cluich dà-chànanach.
Chan e gu bheil Gàidhlig is Beurla ann, ge-tà, ach dà Ghàidhlig - Gàidhlig na h-Alba is Gàidhlig na h-Eireann. Thug an t-ùghdar dà mhìle dhen leabhar
seachad an-asgaidh – mìle do chloinn ann an Eirinn, agus mìle do chloinn ann an Alba, gus am faiceadh an dà chuid cho faisg ‘s a tha na cànanan.
Bha Moffatt-Pender anns na Sìophortaich anns a’ chiad chogadh, agus ’s ann le taic bho shaighdearan anns an rèisimeid sin a thòisich e air Gàidhlig
ionnsachadh. Phòs e tè à Melbourne agus, an dèidh a’ chogaidh, thug e seachad mòran tìde ann an Astràilia. Ach bha e tric a-bhos ann an Alba agus sheas e
mar thagraiche-pàrlamaid airson nan Eilean Siar ann an naoi ceud deug ’s naoi ar fhichead (1929). Ged nach d’ fhuair e a-steach, choisinn e cliù dha fhèin
airson nan òraidean Gàidhlig aige aig àm an taghaidh!
Bha e an sàs gu mòr ann am pìobaireachd is dannsa Gàidhealach, sgrìobh e grunn leabhraichean ann an Gàidhlig is Gaeilge agus bha e cliùiteach cuideachd
anns a’ Bhreatainn Bhig, far an robh e na “Dhraoidh” anns a’ Ghorsedd. Ann an Astràilia bha e na cheannard air Comunn Gàidhlig Bhictoria airson ùine mhòir.
Bha e cuideachd uabhasach dèidheil air spòrs. Chluich e rugbaidh airson Alba na òige, bha e math air curling, agus choisich e iomadach mìle air
frith-rathaidean na Gaidhealtachd. Ann an Astràilia, choisich e turas gun stad bho bhaile ris an canar Bendigo gu ruig’ a dhachaigh ann am Melbourne,
barrachd na ceud mìle, ann an deich uairean fichead. Bha e còrr is leth-cheud bliadhna a dh’aois aig an àm.
Tha còig dealbhan-cluich anns an leabhar a cheannaich mi, agus bhuannaich Moffatt-Pender duaisean le trì aca aig Mòdan Nàiseanta. Bhuannaich “Fionnghal Nic
Dhòmhnaill” aig Mòd a’ Ghearasdain ann an naoi ceud deug, is dhà-dheug ar fhichead (1932).
Tha na dealbhan uile a’ crìochnachadh leis na faclan (òrdughan airson luchd-stiùiridh an ard-ùrlair) – “thig am brat a-nis’ a-nuas”. Uill, thàinig am brat
a-nuas mu dheireadh air Moffatt-Pender fhèin, mar a thig air gach fear is tè againn aig a’ cheann thall. Tha an duine fhèin fon fhòid, ach tha ceist agam
mu dheidhinn na dìleib a dh’fhàg e dhuinn - a dhealbhan-cluich. Saoil am faic sinn air an àrd-ùrlar a-rithist iad – ’s dòcha anns an dà Ghàidhlig – uair
neo uaireigin?