Tha deagh chuimhn’ agam air an latha a thàinig làraidh mhòr sìos an rathad cumhang a dh’ionnsaigh an taigh anns an robh mi-fhìn, mo bhean is ar dithis
chloinne a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Bha tòrr stuth againn fhèin na broinn, nach robh sinn air fhaicinn fad mhìosan. Beagan àirneis, aodach gu
leòr, acfhainn de dh’iomadh seòrsa, leabhraichean, dèideagan is mòran rudan eile. Thàinig iad uile dusan mìle mìle thar a’ chuain bho Astràilia far an robh
sinn a’ fuireach roimhe.
Bha taigh againn ann am baile beag brèagha an cois Loch Eiseort ann an ceann a deas an eilein – baile ris an canar Heasta. ’S e rathad singilte a th’ ann
eadar Heasta agus an t-Ath Leathann agus tha e gu math cumhang airson làraidh mhòr. Gu dearbh, bha dràibhear na làraidh, a bhuineadh do Ghlaschu is a bh’
air a bhith glè ainneamh air taobh siar na Gaidhealtachd, gu math mì-chinnteach gu robh an rathad a’ dol a dh’àite sam bith!
Thachair mi ris air an rathad nuair a bha mi a’ falbh a dh’obair anns an Ath Leathann. Stad mi an càr, fhuair mi a-mach agus chaidh mi a bhruidhinn ris.
Thuirt e gu robh e a’ coimhead airson fear “Ruairidh MacIlleathain”, ged a thuigeas sibh gur ann anns a’ chànan eile a bha an còmhradh.
“Mi-fhìn a th’ ann,” thuirt mi ris.
“Thus’?” dh’fhaighnich e. Bha e follaiseach gu robh droch bheachd aige orm. “Dè rinn thu?”
“Dè tha sibh a’ ciallachadh?” fhreagair mi, “dè rinn mi?”
“Feumaidh gun do rinn thu rudeigin,” thuirt an dràibhear. “Dh’fhàg thu Astràilia is tha thu a-nise a’ fuireach ann am meadhan a’ mhonaidh, sìos an rathad a
bu chuinge a chunnaic mi a-riamh! Tha e follaiseach gu bheil thu a’ ruith air falbh. A bheil fios aig a’ phoilis gu bheil thu an seo?!”
A-nise bha e a’ dèanamh nàdar de ghàire mar a bha mi-fhìn. Ach lean e air. “Dè thug ort Astràilia fhàgail airson tighinn a dh’fhuireach an seo?” Choimhead
mi timcheall. Bha mi air mo chuairteachadh le bòidhchead – sliabh, beinn, coille is muir – agus beanntan Rois is Chnòideirt a’ coimhead cho brèagha ri àite
sam bith air an t-saoghal ann an solas na grèine. Ach feumaidh nach robh an dràibhear a’ faicinn na dùthcha mar a bha mise.
Co-dhiù, dh’innis mi an fhìrinn dha. “Tha mi an seo,” thuirt mi, “airson na Gàidhlig.” Uill, nan robh e a’ smaoineachadh gu robh sglèat a dhith orm roimhe,
bha e deimhinne às an deidh dhomh sin a ràdh ris! Bha e fhathast a’ crathadh a chinn nuair a chunnaic mi mu dheireadh e, agus e a’ dràibheadh air falbh a
dh’ionnsaigh Heasta.
Bha sin o chionn deich bliadhna, agus ’s e an rud a tha iongantach mu dheidhinn gu bheil mi fhathast, bho àm gu àm, a’ smaoineachadh “càit’ an do chuir mi
an rud sin neo an rud eile?” Agus uaireannan tha e a’ tighinn a-steach orm nach fhaca mi a-riamh e bho dh’fhàg mi Astràilia. Ged a bha luchd mòr anns an
làraidh cha robh a h-uile rud innte a bha sinn an dùil.
Tha seanfhacal againn ann an Gàidhlig a tha a-mach air an dearbh rud. ’S iomadh nì a chailleas fear na h-imrich. Tha sin a’ ciallachadh, nuair a
tha sinn a’ dèanamh imrich, a’ gluasad stuth bho àite gu àite, neo bho thaigh gu taigh, gu bheil sinn tric a’ caill rudeigin. ’S iomadh nì a chailleas fear
na h-imrich. Innsidh mi dhuibh mar a chaidh an seanfhacal a chruthachadh an ath sheachdain.