Bha mi ag innse dhuibh mu Àirigh na h-Aon Oidhche faisg air Siabost ann an taobh an iar Leòdhais. Uill, seo agaibh sgeulachd eile às an aon sgìre. Chan ann
mun mhòintich a tha i, ach mun chladach. ’S e an t-ainm a th’ oirre Eòghann na Mara.
Bha Eòghann a’ fuireach faisg air a’ chladach. Bhiodh e gu tric a’ falbh don chladach aig muir-tràigh, feuch fiodh no rudan eile a lorg. Latha a bha seo,
chaidh e sìos gu bonn geodha. Bha e cas cas agus cunnartach faighinn ann ’s faighinn às.
Ràinig Eòghann am bonn. Chunnaic e boireannach, agus a cùl ris. Bha falt fada aice. Ri a taobh, air muin cloiche, bha seòrsa de dh’aodach,
le earball-èisg agus itean-èisg air. Thuig Eòghann gum b’ e seo maighdeann-mhara. B’ e a craiceann a bh’ air a’ chloich.
Chuala a’ mhaighdeann cas-cheum an duine. Thionndaidh i gu grad. Dh’fheuch i ri a cuid aodaich a thogail. Ach bha Eòghann ro luath dhi. Thog esan an
t-aodach. Choimhead e air a’ mhaighdinn. ‘Cò thu agus dè an gnothach a th’ agad an seo?’ dh’fhaighnich Eòghann.
‘Is mise banrigh an aiginn,’ thuirt i. ‘Thoir dhomh mo chuid aodaich.’
‘A bhanrigh,’ thuirt Eòghann, ‘na bithibh feargach leam. Tha mi airson faighinn a-mach a bheil e na rabhadh dhuinn – gun tèid ar coimhearsnachd a sgrios –
gu bheil sibh an seo?’
‘Tha mi a’ tuigsinn,’ thuirt a’ mhaighdeann-mhara, ‘gu bheil mac-an-duine dhen bheachd gu bheil mo leithid na rabhadh gun tig sgrios, agus mar sin gu bheil
sinn olc. Ach ’s e rìgh an aiginn a nì an sgrios. Chan urrainn do mhaighdeann-mhara ach rabhadh a thoirt do mhac-an-duine gu bheil sgrios a’ tighinn. Tha
sinn a’ dèanamh sin oir tha gràdh againn do mhac-an-duine.’
Dh’inns a’ mhaighdeann-mhara do dh’Eòghann nach robh droch naidheachd aice an turas seo. Thug Eòghann taing dhi airson sin, agus thuirt e rithe gun robh i
air a bheatha atharrachadh. Cha chanadh e tuilleadh gur e droch chreutairean a bha sna maighdeannan-mara. Bha e a’ dol a dh’innse don a h-uile duine gur e
creutairean math’ a bh’ annta.
‘A dhuine,’ thuirt a’ mhaighdeann-mhara, ‘tha mi toilichte sin a chluinntinn. Bheir mi duais dhut. Aig a’ ghealaich ùir gach mìos, beagan ron chamhanaich,
ma thig thu gu mullach a’ bhearraidh seo, os cionn a’ gheodha, gheibh thu iasg mòr a chumas biadh ri do theaghlach. Ach tha cùmhnant air – chan fhaod thu
seo innse do dhuine sam bith gus am bi thu seachad air ochdad bliadhna a dh’aois.’
Leis a sin, thog i a cuid aodaich bho Eòghann, chuir i oirre e agus thill i don fhairge. Agus mar a gheall i, ’s ann a thachair e. Cha do thuig a
theaghlach dè bha air cùl soirbheas Eòghainn mar iasgair. Ach bha e ainmeil airson a bhith na iasgair math. Chuir daoine ‘Eòghann na Mara’ air mar ainm.
Gus an robh e ochdad bliadhna a dh’aois, cha robh a theaghlach riamh gann de dh’iasg.
Air an ochdadamh ceann-bliadhna aige, dh’inns Eòghann do a theaghlach mun mhaighdinn-mhara. Aig an ath ghealaich ùir, cha robh iasg sam bith aig mullach a’
gheodha. Agus chaochail Eòghann dìreach trì mìosan às dèidh sin.