Air an t-seachdamh latha dhen t-Sultain, ochd ceud deug, ceithir fichead ’s a deich (1890), chaochail a’ bhana-bhàrd, Màiri NicEalair, ann an Dùn Eideann.
Cha robh i ach da fhìchead bliadhna ’s a còig-deug, ach bha i air a bhith tinn le tinneas-cridhe agus droch chnatan anns a’ gheamhradh roimhe sin, agus cha
deach i am feabhas.
Chan e “NicEalair” a bh’ oirre bho thùs; phòs i fear MacEalair a bha na mharaiche, agus chaidh i cuide ris do dh’iomadh àite anns an Roinn Eòrpa. Rinn iad
an dachaigh ann an Dùn Eideann. ’S e Camshronach a bh’ innte bho thùs, agus rugadh is thogadh i ann an dùthaich nan Camshronach, Lochabair. Bha a h-athair
na fhuineadair anns a’ Ghearasdan, ach chuir Màiri seachad mòran ùine na h-òige anns an dùthaich cuide ri a seana-phàrantan. Thog i mòran de dhualchas na
sgìre bhuapa.
Bha i math air bàrdachd agus choisinn i cliù dhi fhèin le bhith a’ sgrìobhadh dàin, ann an Gàidhlig agus Beurla, airson pàipearan-naidheachd. Sgrìobh i
leabhar de dh’abairtean Gàidhlig, agus bha mi ag innse dhuibh mu dheidhinn sin an t-seachdain ’s a chaidh. Fhuair i urram ann an ochd ceud deug, trì
fichead ’s a sia-deug (1876), nuair a chaidh a h-ainmeachadh mar Bhàrd do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha an dreuchd sin aice fhathast nuair a chaochail
i.
Seo a’ chiad rann de dhàn – marbhrann – a sgrìobh Màiri don Urramach Alasdair MacGriogair a bha na mhinistear ann an Inbhir Nis airson deich bliadhna
fichead. Bha Mgr MacGriogair air a bhith an sàs gu mòr ann an Comunn Gàidhlig Inbhir Nis:
Tha an sneachda gu dùmhail
Air flùran an rèidhlein;
Tha na neòil dhubha dùnadh
Gu dlùth mu na speuran;
Cha chuirear oirnn aiteas,
Le aiteal na grèine,
Bho nach gluaisear mo charaid
Bho sparradh na dèile,
An tìr nam beò.
Dh’fhàs Màiri ainmeil nuair a thug a’ Bhànrigh Bhictoria cead dhi an leabhar aice, “Leaves from the Journal of our Life in the Highlands”,
eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Agus rinn i leabhar Beurla cuideachd mun Ghearasdan. Ach cha robh cùisean buileach rèidh na beatha fhèin. Dhealaich i fhèin
is an duine aice, agus dh’fhuirich i na h-aonar airson nan deich bliadhna mu dheireadh de a beatha. Seo am pìos mu dheireadh dhen mharbhrann aice don Urr
MacGriogair.:
Bho nach gluaisear mo charaid
Bho sparradh na dèile,
Cha chuirear orm aiteas
Le aiteal na grèine;
Ged bhios eòin a’ seinn coireil
Ann an coire nan geugan,
Bidh mise ri tuireadh,
Gu muladach, deurach,
An tìr nam beò.
Agus tha fhios gur ann mar sin a bha mòran Ghaidheal nuair a chual’ iad mu bhàs Màiri fhèin.
Ach b’ fheàrr leam ur fàgail an t-seachdain-sa le smuain nas aighearaiche. Bha mi a’ coimhead anns an leabhran de dh’abairtean Gàidhlig a rinn Màiri, anns
an earrann air bàtaichean. Tha feadhainn de na h-abairtean gu math feumail – leithid “suas an seòl”, “nuas an seòl”, “tarraing an sgòd”, “gabh an stiùir”
agus “iomraibh, ‘illean gasda!”
Agus bha abairt mhath ann airson na chanas an darna duine ris an duine eile nuair a tha e ag iarraidh air iomramh air ais airson am bàta a thoirt gu stad – dèan fodha. Dèan fodha. Nise, dh’fheumadh tu bhith gu math faiceallach ann a bhith a’ cleachdadh abairt mar sin an-diugh, can, le deugaire aig an
robh Gàidhlig na sgoile a-mhàin. Bhiodh an t-eagal ormsa, nan canadh sibh “dèan fodha, dèan fodha” gu cabhagach, agus ur soitheach gu bhith a’ bualadh ann
am bàta eile, gun leumadh an gille bochd thar a’ chliathaich!