FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Oidhche Shamhna

An robh samhnair aig an taigh agaibh am bliadhna? Ma

Audio is playing in pop-over.

Oidhche Shamhna

An robh samhnair aig an taigh agaibh am bliadhna? Ma tha sibh a’ fuireach ann an Alba, Eirinn neo Aimeireaga a Tuath (agus tha mi mothachail gu bheil feadhainn ag èisteachd ris a’ phrògram seo anns na dùthchannan sin air an eadar-lìon), tha deagh theans ann gu robh – o chionn beagan is ceala-deug. ’S dòcha gu robh còmhlan de shamhnairean ann. Agus ciamar a bhiodh sibh ag aithneachadh samhnair? Uill, tha e furasta gu leòr. Mar as trice, bidh aodann coimheach air, agus aodach neònach, agus bidh e a’ tighinn don doras agaibh air aon oidhche sa bhliadhna – Oidhche Shamhna.

’S e Samhna am facal Samhain anns an tuiseal ghinideach, neo genitive case. Bidh sibh eòlach air Samhain, an latha an-diugh, mar a’ Ghàidhlig airson November. Ach o shean, b’ e an t-Samhain fèill mhòr Cheilteach aig toiseach a’ gheamhraidh, agus b’ e an oidhche mu dheireadh ro thoiseach na Samhna - Oidhche Shamhna.

O shean, bha na Gaidheil a’ creidsinn gum biodh spioradan pàganach a-muigh air Oidhche Shamhna, agus bhiodh mòran daoine a’ togail teine faisg air na taighean aca airson na droch spioradan a chumail air falbh. ’S e an t-ainm a bh’ air teine dhen t-seòrsa seo – samhnag.

Tha an t-samhnag an ìre mhath air a dhol à bith, ge-tà. ’S dòcha gu bheil dà adhbhar ann airson sin. Chan eil daoine an latha an-diugh a’ creidsinn ann an bòcain, is gnothaichean dhen t-seòrsa, mar a b’ àbhaist. Agus, cuideachd, dìreach beagan làithean an dèidh Oidhche Shamhna, bidh mòran a’ comharrachadh tachartas eile le teintean-aighir. ’S e sin Oidhche Ghuy Fawkes, an còigeamh latha dhen t-Samhain.

Ach, ged nach bi teintean ann, bidh samhnairean fhathast a’ dol bho dhoras gu doras air Oidhche Shamhna. Mar as trice, gabhaidh iad òran neo canaidh iad rudeigin èibhinn, agus gheibh iad rudeigin, a ghabhas ithe, bho fhear an taighe neo bho bhean an taighe – rudan mar chnothan, ’s dòcha, ubhal, orainsear neo teòclaid. Agus bheir iad na rudan sin dhachaigh leotha.

Seo tòimhseachan a chuala mi turas aig samhnair nuair a thàinig e don taigh agam. “Dè tha a’ fàs nas duirche le aois?” dh’fhaighnich e.

“Uill, chan e mise a th’ ann!” thuirt mi ris, agus mi a’ smaoineachadh air m’ fhiasaig a tha a’ sìor fhàs liath. “Chan eil fhios a’m. Dè tha a’ fàs nas duirche le aois?”

“Tha,” ars’ an gille, “am feasgar.” Uill, ’s e an fhìrinn a bh’ aige. Agus tha mi cinnteach gun d’ fhuair e cnothan is ubhal is teòclaid airson sin.

’S e seo an t-Samhain, ma thà. Agus ’s e an ath mhìos an Dùbhlachd – am mìos a tha dubh dorch. Tha na h-ainmean Gàidhlig airson nam mìosan gu math inntinneach, agus bheir sinn sùil air feadhainn aca anns an ath litir. Ach bu mhath leam rann aithris dhuibh an-dràsta, a tha ag ainmeachadh a h-uile mìos anns a’ bhliadhna, agus an seòrsa aimsir a bhios ann.

Leis an Fhaoilleach, thig an sneachda,

Anns a’ Ghearran, tuiltean mòr’.

Gheibh sinn stoirmean anns a’ Mhàrt,

Ach tùs nam blàth sa Ghiblean chòir.

Anns a’ Chèitean, bidh uain a’ leumnaich,

Bheir an t-Ogmhìos mòran fàis,

Frasan-cinneachaidh san Iuchar

’S an Lùnasdal – sin mìos a’ bhàrr.

Measan agus sealg san t-Sultain,

Cnothan anns an Dàmhair dhuinn,

Gailleann ’s lomadh chraobh san t-Samhain,

’S an Dùbhlachd dhorch as annsa leinn.

Uill, chan eil fhios a’m am bi sibh ag aontachadh ris an loighne mu dheireadh! Co-dhiù chan fhada gus am bi an Dùbhlachd againn. Agus chan fhada gus am bi Litir eile againn – an ceann seachdain. Beannachd leibh.

Litir 76 Litir 76 Litir 78 Litir 78

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!