Anns an Litir mu dheireadh, dh’innis mi dhuibh a’ chiad phàirt de sgeulachd mu “sguad Coill’ a’ Chaolais” – am pàirt nuair a bha am bodachan beag a’ toirt
taic don chroitear, Donnchadh, le bhith a’ treabhadh na talmhainn. Mus innis mi an còrr, tha mi airson seanfhacal a chur nur cuimhne – cuideachd bhon
t-seachdain ’s a chaidh – “Nuair as teinne an taod, ’s ann as dualtaiche dha bhriseadh”.
Co-dhiù, bha Donnchadh aig mullach cnuic, a’ toirt sùil air a’ bhaile aige. Bha an t-arbhar deiseil ri bhuain agus thuirt Donnchadh ris fhèin, “’S truagh
nach robh e a-màireach air a bhuain agus ann an adagan buidhe.” Dh’fhalbh e sìos a-rithist, agus e deiseil airson a dhol a-mach ga bhuain air an
làrna-mhàireach.
Ach, nuair a choimhead e a-mach air an uinneig aige a’ chiad char anns a’ mhadainn air an làrna-mhàireach, bha an t-arbhar air a bhuain mar-thà, agus ann
an adagan buidhe air feadh a’ bhaile. ’S e Donnchadh a bha toilichte.
Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thòisich e air na h-adagan a thoirt a-staigh, nochd am bodachan beag ri thaobh. Bha taod aige a bha mu aitheamh a
dh’fhaide – sin mu shia troighean, neo dà mheatair. Chuimhnich Donnchadh na thuirt am bodach beag as t-earrach nuair a thug e taic dha leis an treabhadh.
Bha e ag iarraidh duais airson na h-obrach – aon ghad guailne dhen arbhar. Cha bhi mòran ann a sin, agus am bodach cho beag, shaoil Donnchadh ris fhèin.
“Càit’ an dèan mi m’ eallach?” dh’fhaighnich am bodachan.
“Ann a sin,” fhreagair Donnchadh. Chomharraich e àite còmhnard tioram aig oir pàirce. Chuir an duine beag an taod aige sìos agus thòisich e air adagan a
chàrnadh air. Chaidh fichead adag air, an uairsin dà fhichead agus cha robh guth air stad. Chum am bodachan a dol, a’ cur adagan air an ròp. Bha Donnchadh
a’ gabhail eagal gun cailleadh e a h-uile but dhen arbhar aige.
Mu dheireadh, dh’ èigh e:
Dihaoine a threabh mi,
Dihaoine a chuir mi
Dihaoine a chliath mi.
A Rìgh nan trì aoineachan,
Na leig mo chuid uile
Ann an aon ghad guailne!
Bha an duine beag a’ cur an eallaich air a dhruim ach dh’èist e ri faclan Dhonnchaidh. Thuirt e, “Nuair as teinne an gad guailne, ’s ann as dualtaiche dha
bhriseadh.”
Cho luath ’s a thuirt e sin, bhris an ròp, chaidh na h-adagan air ais do na h-àiteachan às an tàinig iad anns na pàircean, agus chaidh an duine beag à
fianais. Chan fhacas a-rithist e bhon uairsin ann an Coill’ a’ Chaolais.
Airson crìoch a chur air an Litir an t-seachdain-sa, seo agaibh stòiridh beag. Bha balach a bha seo a’ coiseachd sìos an t-sràid taobh a-muigh eaglais
nuair a chunnaic e rudeigin cruinn gleansach air a’ chabhsair. Stad e, chrom e sìos agus thog e an rud. ’S e bonn-nota a bh’ ann.
Aig an dearbh àm, thàinig Ministear a-mach às an eaglais. “Dè lorg thu, a Sheumais?” dh’fhaighnich e. Bha e eòlach air a’ bhalach.
“Airgead,” fhreagair Seumas. “Bonn-nota.”
“O, seadh,” thuirt am Ministear, “agus a bheil thu a’ dol ga chumail? Hmm?”
Choimhead am balach air a’ mhinistear. “Chan eil, chan eil,” fhreagair e. “Chan eil idir.”
“O, is math sin,” thuirt am Ministear. “Chan eil mòran dhe do leithid ann an latha an-diugh.”
“Seadh,” thuirt am balach. “Chan eil mi a’ dol ga chumail idir. Tha mi a’ dol ga chosg!” Agus dh’fhalbh e a dh’ionnsaigh na bùtha!