Saoil de cho fada ’s a mhaireas an siostam-cunntaidh ann an Gàidhlig a tha fhathast stèidhichte air ficheadan, seach deichean? Cha do ràinig e deireadh an
rathaid fhathast ach chanainn gum bi sinn deiseil airson faighinn cuidhteas e taobh a-staigh trichead bliadhna, neo deich bliadhna fichead.
Dhomh fhìn, tha rudeigin snog mu dheidhinn a bhith a’ cunntadh ann am ficheadan. Tha e nas nàdarraiche dhomh ann an Gàidhlig, ged a tha e nàdarrach dhomh
cunntadh ann an deichean ann am Beurla. Uaireannan, tha an seann siostam a cheart cho sgiobalta ris an t-siostam deicheach. Smaoinichibh tiotan air an
àireamh “one hundred and seventy five”, mar a chanadh iad ann am Beurla. Anns an t-siostam ùr ann an Gàidhlig, chanamaid “ceud, seachdad ’s a
còig”; anns an t-seann siostam, chanamaid “ochd fichead ‘s a còig-deug”.
Cha mhòr nach eil a h-uile cànan anns an Roinn Eòrpa air gluasad air falbh bho fhicheadan, is a dh’ionnsaigh deichean. Agus chan fhada gus an lean a’
Ghàidhlig orra. ’S e siostam nan deichean a thathar a’ teagasg anns na sgoiltean Gàidhlig.
Chanadh na Frangaich, ’s dòcha, gu bheil iad fhèin air beagan de dhualchas nam ficheadan a ghlèidheadh, leis gur e “quatre-vingts” a th’ aca air ceithir
fichead, neo ochdad. Gu ìre, tha sin fìor, agus chan eil facal aca airson naodhad, neo ceithir fichead ’s a deich, ach “quatre-vingt-dix”. Agus chan eil
facal àraidh aca airson seachdad nas motha. Canaidh iad “soixante-dix”.
Ach chan eil sin co-ionann air feadh nan dùthchannan a bhruidhneas Frangais. Anns a’ Bheilg agus an Eilbheis, mar eisimpleir, canaidh iad “septante” airson
seachdad, “huitante” airson ochdad agus “nonante” airson naodhad.
Tha e annasach an ùine a thugadh ann a bhith a’ stèidheachadh siostam nan deichean ann an tomhas is airgead ann an diofar rìoghachan. Ann an seachd ceud
deug, ceithir fichead ’s a deich, neo seachd ceud deug is naodhad (1790), mhol Tòmas Jefferson siostam-tomhais ùr do na Stàitean Aonaichte, stèidhichte air
deichean. Dà bhliadhna as dèidh sin, rinn na h-Aimeireaganaich a’ chiad airgead air an t-saoghal a bha gu tur deicheach. Ach, a dh’aindeoin sin, còrr is dà
cheud bliadhna as dèidh don doilear nochdadh, tha mòran rudan fhathast ann am Aimeireaga nach eil stèidhichte air deichean.
Ann am Breatainn, bhathar a’ comharrachadh, air a’ mhìos ’s a chaidh, mar a bha deich bliadhna fichead, neo trichead bliadhna, air a dhol seachad bho
dh’atharraich an t-airgead don t-siostam a th’ againn a-nise. Ach, a dh’aindeoin gu bheil sinn a’ pàigheadh airson peatral ann an airgead deicheach, is a
dh’aindeoin gu bheil sin a’ ceannach peatral ann an tomhasan deicheach – litearan seach galanan – tha sinn fhathast a’ siubhal astar air na rathaidean ann
am mìltean, seach ciolomeatairean. Dè cho ciallach ’s a tha sin?!
Bho àm gu àm, bidh mi fhathast a’ cluinntinn daoine ann an Alba ag ràdh, “B’ fheàrr leam puinnd is galanan. Bha còir aca an seann siostam-tomhais a
ghlèidheadh. Cha tuig mi an siostam ùr gu bràth.” Uill, chan eil mi-fhìn cho cinnteach mu dheidhinn sin. Agus, mar dhearbhadh air a sin, seo agaibh ceist:
Dè an cuideam, ann am puinnd, a th’ air galan de dh’uisge? Mmm, cuiridh mi geall nach eil fios agaibh. Ach dè an cuideam, ann an ciolograman, a th’ air
litear de dh’uisge? Tha aonan, agus tha mi cinnteach gu robh fios agaibh air a sin. Tha sin fhèin a’ sealltainn cho fada ’s a tha sinn air gluasad air
falbh on t-seann siostam-tomhais mar-thà. Aig a’ cheann thall, aithreachas ann neo às, falbhaidh na ficheadan air an dearbh rathad a ghabh am punnd is an
galan.