An t-seachdain ’s a chaidh, rinn mi iomradh air seanfhacal – ’s iomadh nì a chailleas fear na h-imrich. Leugh mi o chionn ghoirid mar a chaidh an
seanfhacal sin a chruthachadh. Chan eil fhios a’m co-dhiù tha e fìor gus nach eil, ach seo mar a nochd e ann an leabhar a chaidh a sgrìobhadh anns an
naoidheamh linn deug.
Bha tuathanach ann an Ile a bh’ air a chur roimhe gluasad gu taigh eile. Latha ro latha na h-imrich, thug e cuireadh do nàbaidhean tighinn a chèilidh air
airson soraidh slàn a leigeil leis. Bha an taigh aige beag (’s dòcha gur e sin a bu choireach gu robh e a’ dèanamh imrich), agus bha e loma-làn daoine. Mar
sin, dh’iarr an tuathanach air a’ ghille aige, a bha mu dheich bliadhna a dh’aois, a chuid fheòla a thoirt leis gu oisean gus am biodh rùm a bharrachd ann
do chàch.
Cha robh an gille ro thoilichte agus, nuair a bha e a’ dèanamh a shlighe don oisean, leig e cuid de na bh’ air a thruinnsear air an làr. Thug athair trod
dha, agus fhreagair am balach, "’s iomadh ni a chailleas fear na h-imrich.” Nuair a chuala e na faclan sin, smaoinich athair mun t-suidheachadh aige fhèin,
agus chuir e roimhe gun imrich a dhèanamh gu taigh ùr idir.
Uill, chan eil fhios a’m mu dheidhinn na sgeòil, ach tha fìrinn anns an t-seanfhacal gun teagamh. Agus chan e dìreach rudan a bhuineas dhut a chailleas tu
nuair a ghluaiseas tu gu àite ùr, ach na daoine a bha timcheall ort anns an t-seann dachaigh cuideachd – nàbaidhean, caraidean is mar sin air adhart. ’S
dòcha gun caill thu do chànan, mar a thachair do dh’iomadh duine a dh’fhàg a’ Ghaidhealtachd.
Ach air an làimh eile, ’s iomadh buannachd a thig an lùib na h-imrich cuideachd. Nì thu caraidean ùra, ’s dòcha gum bi obair nas fheàrr agad, agus taigh
nas motha. Nuair a ghluais mise don Ghaidhealtachd bho àite eile, fhuair mi greim air a’ chànan nach robh agam anns an t-seann dachaigh. Agus an-diugh cha
bhithinn as a h-aonais.
’S e “imrich” am facal a chleachdadh na seann daoine nuair a dh’fhàgadh iad am bailtean airson a dhol don àirigh gach samhradh. Nuair a thilleadh luchd na
h-imrich, aig deireadh an Iuchair, bho na h-àirighean, bhiodh oidhche mhòr aca, a’ cèilidh air muinntir a’ bhaile is a’ gabhail seanachas leotha. ’S e
“Oidhche na h-Imrich” a chanadh iad ris an oidhche sin.
Ach ann an àite mar Ghàidhealtachd na h-Alba, aig a bheil droch eachdraidh de dh’fhuadaichean is de dhaoine a’ falbh a-null thairis, ’s dòcha gu bheil e
nàdarrach gur ann air droch bhuaidh na h-imrich a tha na seanfhaclan. Is tha mi air lorg fhaighinn air dhà eile. ’S e a’ chiad fhear – is buidhe le amadain
imrich – fools are fond of flitting. Is buidhe le amadain imrich.
Agus tha am fear eile rudeigin coltach ris a’ chiad fhear a thug mi dhuibh. Nì am imrich thric an àirneis lom. Frequent flitting bares the furnishing. Nì an imrich thric an àirneis lom. ’S dòcha gur e teachdaireachd a tha sin a chluinneas sinn aig Tonaidh
Blair is Gordan Brown aig an ath thaghadh, agus iad ag iarraidh oirnn fuireach far a bheil sinn gu poilitigeach. Tha fhios, ge-tà, gun cleachdadh Uilleam
Hague seanfhacal eile - “is ùrachadh atharrachadh”. Cò aige tha fios dè an seanfhacal a bhios nas cumhachdaiche ann an inntinn an t-sluaigh nuair a thig e
gu latha a’ bhòtaidh…